menushow menuhide
GàidhligEnglish
facebook icon twitter icon email icon

WATCH GAELIC COIMHEAD GÀIDHLIG

Gaelic text Teacsa Gàidhlig

Beachdan air Òran Eile Don Phrionnsa

[Leughadair] Moch sa mhadainn ’s mi dùsgadh,

‘S mòr mo shunnd ’s mo cheòl-gàire,

On a chuala mi ’m Prionnsa,

Thighinn do dhùthaich Chlann Rà’ill.

On a chuala mi ’m Prionnsa,

Thighinn do dhùthaich Chlann Rà’ill.

Gràinne mullaich gach rìgh thu,

Slàn gum pill thusa, Theàrlaich.

[Preseantair] Rugadh is thogadh MacMhaighstir Alasdair ann am Mansa Dhail Eildhe, Sgìre Mhùideart. Bha athair na mhinistear Easbaigeach agus fhuair e foghlam farsaing. Chuir e seachad grunn bhliadhnaichean na mhaighstear sgoile mus deach e an-sàs ann an Strì nan Seumasach, mar neach-brosnachaidh agus ma dh’fhaodhte mar shaighdear.

[Mark Wringe] Fhuair Mac Mhaighstir Alasdair a thogail ann an dachaigh a bha a’ dol an aghaidh na mòr-cùid ann an seagh. Bha athair na mhinistear Easbaigeach nuair a bha Eaglais na h-Alba gu h-oifigeil Easbaigeach. Is dhiùlt e an còrr den Eaglais a leantainn gu dòigh riaghlaidh clèireach ann an sia deug ceithir fichead ‘s a deich. Agus chùm e air le taic an t-sluaigh far an robh e, ‘s tha mi a’ smaoineachadh mar sin gun d’ fhuair Mac Mhaighstir Alasdair togail a thug dha spiorad nan neo-eisimeileachd.

[Catriona Chaimbeul] Mac Mhaighstir Alasdair fhèin, daoine, tha mi a’ smaoineachadh, diofar bheachd aig daoine air. Ma choimheadas tu air na pìosan bàrdachd a rinn e, cho dòchasach ‘s a bha e anns na pìosan mu na Seumasaich. Rinn e feadhainn mu dheidhinn nàdair cuideachd. Tha thu a’ tuigsinn gur e cuideigin foghlamaichte a bh’ ann agus gun robh farsaingeachd anns an obair a rinn e. Agus tha mi a’ smaoineachadh gur e duine fìor, fìor chomasach a bh’ ann.

[Leughadair] ‘S nam faighinn mo dhùrachd,

Bhiodh an Diùc air dhroch càradh,

Gum biodh buidsear na feòla,

Agus còrcach ma bhràighe,

Gum biodh buidsearnafeòla,

Agus còrcach ma bhràighe,

‘S gun gibhtinn a’ Mhaighdeann,

Mar oighreachd da bhràthair.

‘S gun gibhtinn a’ Mhaighdeann,

Mar oighreachd da bhràthair;

Ach slàn gun tig thu ‘s gun ruig thu,

Slàn gum pill thusa, Theàrlaich!

[Preseantair] Às dèidh Chùil Lodair, bha Strì nan Seumasach seachad. Aig Loch nan Uamh, an sgìre Àrasaig, dh’fhàg am Prionnsa Teàrlach Alba airson an turas mu dheireadh.

[Mark Wringe] Òran don Phrionnsa agus Òran Eile don Phrionnsa, ‘s e òrain a th’ annta a tha gu math siùbhlach agus tha iad a’ ruith gu luath. Còrdaidh coltas nan òran ri daoine, ge bith dè smaoinicheas tu mu na faclan agus tha na faclan gu math togarrach. Tha iad gu math sìmplidh a thaobh na tha e ag ràdh an taca ri òran eile. Ach tha Òran don Phrionnsa, Òran Eile don Phrionnsa gun teagamh sam bith fada, fada nas èifeachdaiche ann a bhith brosnachadh sluaigh, ann a bhith togail miann phoilitigeach agus gnìomh phoilitigeach am measg dhaoine.

Chaidh am prògram seo, Sheinn am Bàrd, a chraoladh an toiseach ann an 2009.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

English text Teacsa Beurla

Thoughts on Another Song to the Prince

[Reader] Early as I awaken

Great my joy, loud my laughter

Since I heard that the Prince comes

To the land of Clanranald

Since I heard that the Prince comes

To the land of Clanranald

Thou art the choicest of all rulers

Here's a health to thy returning

[Presenter] Mac Mhaighstir Alasdair was born in Dalilea Manse, in Moidart area. His father was an Episcopalian minister and he had a broad education. He spent a good few years as a school master before he became involved in the Jacobite Struggle, as a promoter and perhaps as a soldier.

[Mark Wringe] Mac Mhaighstir Alasdair was raised in a home which went against many in a sense. His father was an Episcopalian minister when the Church of Scotland was officially Episcopalian. And he rejected following the rest of the church to a way of Presbyterian rule in 1690. And he kept going with support of the people where he was, and I think that’s how Mac Mhaighstir Alasdair’s upbringing gave him the spirit of independence.

[Catriona Campbell] Mac Mhaighstir Alasdair himself, people, I think, people have a different opinion of him. If you look at the pieces of poetry that he did, he was so hopeful in the pieces about the Jacobites. He did ones about nature too. You understand that he was an educated person and there was breadth in the work that he did. And I think he was a very, very capable man.

[Reader] And had I my wish,

Sorely would the Duke suffer;

You would see the vile butcher

With the rope round his windpipe.

You would see the vile butcher,

With the rope round his windpipe,

And the Maiden I'd give,

An heir-loom to his brother.

And the Maiden I'd give,

An heir-loom to his brother.

But here's a health to thy coming,

Prince Charles, thy return!

[Presenter] After Culloden, the Jacobite Struggle was over. At Loch nan Uamh, in the area of Arisaig, Prince Charles left Scotland for the last time.

[Mark Wringe] Song to the Prince and Another Song to Prince Charlie, they are songs that are very articulate and the run quickly. People like the representation of the songs, regardless of what you think of the words and the words are very animated. They are very simple compared with what he says in support in other songs. But Song to the Prince, Another Song to Prince Charlie is without any doubt much, much more effective in inspiring people, in raising political desire and political cause among people.

This programme, Sheinn am Bàrd, was first broadcast in 2009.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Gaelic & English text Teacsa Gàidhlig & Teacsa Beurla

Vocabulary Briathrachas

neach-brosnachaidh - promoter

Clèireach - Presbyterian

togarrach - animated

Dail Eildhe - Dalilea

Mùideart - Moidart

Easbaigeach - Episcopal

foghlamaichte - educated